Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Home
Accommodation
Hebrideans
Gaelic Language
Music & Events
Arts & Crafts
History
Archaeology
Planning Your Trip
Location Gallery
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides faqs discussion links contact help

10 Nithean Is Dòcha A Tha Ùr Dhut Mun Ghàidhlig

  1. Tha Gàidhlig air a bruidhinn le timcheall air 70,000 den 5 millean sluagh an Alba no, ann an àireamhan sa cheud, le beagan a bharrachd air aon sa cheud den t-sluagh.

  2. Ann an Innse Gall, sa chunntas-sluaigh mu dheireadh (1991) bha dìreach beagan na bu lugha na 70% den t-sluagh (on roinn riaghaltais ionadail, Na h-Eileanan an Iar) le Gàidhlig. Tha an tomhas seo de luchd-labhairt Gàidhlig air leth àrd a rèir àireimh-sluaigh. Cuideachd tha mòran luchd-labhairt Gàidhlig ann an roinnean na Gaidhealtachd is Srath-chluaidh: tha faisg air deich sa cheud de luchd na Gàidhlig a’ fuireach an Glaschu, agus co-chruinneachaidhean nas lugha, ach cudthromach, ann an Dùn Èideann agus an Inbhir Nis. Tha tuilleadh fiosrachaidh air www.cne-siar.gov.uk/w-isles/factfile/gaelic.htm

  3. B’ e luchd-imrich à Èirinn a thug a’ Ghàidhlig a dh’Alba faisg air deireadh Ìompaireachd na Ròimh ann am Breatainn. Ro 500AC, bha na Gaidheil sin air Rìoghachd Dhailriata a stèidheachadh, timcheall air an àite ris an canar an-diugh Earra-Ghaidheal an iar-dheas na h-Alba: tha Earra-Ghaidheal a’ ciallachadh "oirthir a’ Ghaidheil".

  4. Chanadh luchd-sgrìobhaidh Ròmanach Scotti ri na Gaidheil - bha Scotia aig an àm seo air Èireann - ged nach gabh dearbhadh gun tàinig na h-ainmean sin bhon Ghàidhlig. Ach bho na briathran Laidinn sin thàinig an t-ainm Scotland. Ach sa Ghàidhlig ’s e Alba a chanar ris an rìoghachd, mar sa Ghaeilge, agus Alban ann an Cuimris.

  5. Sheall rannsachadh air ainmean àiteachan ann an Innse Gall ged is e ainmean Lochlannach a tha air na tuineachaidhean iomallach as motha, gur e an t-ainm Gàidhlig, no an t-ainm Lochlannach air a dhèanamh coltach ris a’ Ghàidhlig, a tha fhathast air a’ mhòr-chuid de bhailtean beaga a-staigh san tìr agus air na feartan-tìre nàdarrach. Aig a’ cheann thall, b’ e glè bheag buaidh a thug na Lochlannaich air Gàidhlig na h-Alba.

  6. Tro na linntean, chùm na Ceiltich an dualchas beò tro bheul-aithris. Cha cheadaicheadh an seann chreideamh am fiosrachadh a chur an sgrìobhadh.

  7. Dh’fhalamhaich an àireamh mhì-chothromach de shaighdearan Albannach a thuit san dà Chogadh Mhòr iomadh eilean agus gleann den òigridh, agus dh’adhbhraich structaran teann eaconomach, òrdaichte le riaghaltas cèin, neo-bhàigheil gun deach cur às do dh’iomadh coimhearsnachd air Ghaidhealtachd (sgìrean Gàidhlig na Gaidhealtachd ’s nan Eilean). Ro 1961, b’ e 80,978 neach no 1.66% de shluagh na h-Alba a thuirt gum b’ urrainn dhaibh Gàidhlig a bhruidhinn.

  8. Tro nan 1980an a-steach do na 1990an, tha a’ Ghàidhlig air ath-bheothachadh, agus mar dhùthchannan Ceilteach eile, tha foghlam meadhan-Gàidhlig ga chur air adhart bhon sgoil-àraich suas, le Comann nan Sgoiltean Àraich a chaidh a stèidheachadh ann an 1982 air son seo. Aig an àm seo, tha còrr air 75 de na sgoiltean sin an Alba, an dèidh tòiseachadh le ceithir. Cuideachd tha Aonadan Meadhan-Gàidhlig (GMUs) a’ leudachadh ann an sgoiltean air feadh Alba. Dh’fhosgail a’ chiad fhear ann an 1988 an Inbhir Nis agus a-nis tha 50 de na h-aonadan sin, a bharrachd air cròileagain, ann an grunn bhailtean mòra Alba.

  9. Tha ainmean air leth cudthromach sa h-uile coimhearsnachd thraidiseanta. Tha an Gaidheal air aithneachadh air a shloinneadh, sreath de shinnsearan (mar as trice sìos tro loidhne an athar) agus a bhaile. B’ e a’ chiad dà cheist a bhiodh Gaidheal a’ faighneachd do choigreach le Gàidhlig Co leis thu? agus Co às a tha thu?, agus bhiodh e a’ ciallachadh far an do rugadh ’s an do thogadh tu, seach far a bheil thu a’ fuireach. Tha gnàth-fhacail cumanta mu sgìrean glè inntinneach, mar eisimpleir, ‘Buinidh mi do Ghleann Ùige’. Tha daoine air am faicinn mar gum buineadh iad don sgìre, an àite a bhith an dòigh eile.

  10. Tha òrain Ghàidhlig ann airson a h-uile seòrsa obrach agus cur-seachad (le cuid dhiubh air a dhol à bith): buain, cur, bleoghain, luadh a’ chlò, leigheas, cogadh, caoidh nam marbh, moladh nam beò, agus mar sin air adhart. Bha na h-òrain sin cuideachd air an cluich air innealan-ciùil.

air adhart...
The LanguageThe LanguageThe Language
Gaelic ProverbsGaelic ProverbsGaelic Proverbs
Everyday GaelicEveryday GaelicEveryday Gaelic
10 Gaelic Facts10 Gaelic Facts10 Gaelic Facts
Learn GaelicLearn GaelicLearn Gaelic

 

Home | Islands | Hebrideans | Gaelic Language | Music & Events | Arts & Crafts | History | Archaeology | Planning Your Trip

© 2002-2003 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council