A’ Ghàidhlig
’S e neart na Gàidhlig aon de na nithean as cudthromaiche mu Innse Gall. ’S e a’ Ghàidhlig ciad chànan a’ mhòr-chuid de mhuinntir Leòdhais, ach a-mhàin na sgìrean mu chuairt Steòrnabhaigh. Nas motha na àite sam bith eile tha Innse Gall fhathast a’ cumail suas an t-seann chànain Cheiltich seo aig a bheil an aon fhreumh cànain ri Gàidhlig na h-Èireann agus Eilean Mhanainn (agus nas fhaide air ais an eachdraidh, ri Cuimris, Còrnais agus Breatannais). Cha b’ iad na treubhan Ceilteach, air imrich bho mheadhan na h-Eòrpa, a’ chiad luchd-àiteachaidh a bha an Innse Gall, ach tha a’ bhuaidh aca air mairsinn eadhon nas fhaide na dualchas làidir nan Lochlannach.
A dh’aindeoin còrr air dà cheud bliadhna de smachd, dìteadh agus dearmad oifigeil, tha a’ Ghàidhlig fhathast beò nar latha. Ged a shaoilear bho àm gu àm gu bheil i ann an cunnart bho uile-làthaireachd telebhisein agus pàipearan Beurla, tha a’ Ghàidhlig fhathast aig a’ mhòr-chuid de mhuinntir nan eilean mar chiad chànan. Bho chaidh Comhairle nan Eilean a stèidheachadh tha coltas gun do dh’ atharraich an cuideachadh a fhuair a’ Ghàidhlig tron t-siostam foghlaim foirmeil crìonadh a’ chànain sna bliadhnachan a dh’fhalbh. Fhuair litreachas, ceòl, na h-ealain agus eòlas sòisealta neartachadh sna deich bliadhna a dh’fhalbh, o chionn ghoirid tro leudachadh obair rèidio agus telebhisein. Tha beairteas na Gàidhlig agus an dualchas a tha na chois cuideachd air leantainn gu meudachadh mòr san àireimh luchd-ionnsachaidh, a’ ciallachadh gum faod gu bheil a’ Ghàidhlig am measg nan dara cànan as luaithe a tha a’ fàs san Roinn Eòrpa.
|