Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Home
Accommodation
Hebrideans
Gaelic Language
Music & Events
Arts & Crafts
History
Archaeology
Planning Your Trip
Location Gallery
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides faqs discussion links contact help

Colaisde a' Chaisteil

Clasaichean Oidhche

Tha a’ cholaiste ionadail stèidhichhte an Steòrnabhagh an Eilean Leòdhais a’ tabhann chlasaichean Gàidhlig seachdaine aig ìrean eadar-dhealaichte rè na bliadhna. Thar 8-12 seachdainean, tha na clasaichean a’ dol airson dà uair a thìde gach seachdain, a’ teagasg còmhradh agus gràmar bunaiteach airson suidheachaidhean làitheil. Tha clasaichean rim faotainn ann an Colaisde Bheinn na Faoghla cuideachd. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: Colaisde a’ Chaisteil (Pàirt de dh’Oilthigh na Gaidhealtachd ’s nan Eilean), A’ Ghearraidh Chruaidh, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, Fòn +44 (0)1851 770000

Pasgan Foghlam Fosgailte Gàidhlig aig Àrd-Ìre

Tha Colaisde a’ Chaisteil toilichte a bhith a’ tabhann a’ chùrsa foghlam fosgailte ùr Gàidhlig Àrd-Ìre (luchd-ionnsachaidh). Tha na stuthan a dh’ullaich a’ cholaiste aig ìre agus inbheachd co-ionann ri Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA) ach ann an cruth foghlaim fosgailte ùr-ghnàthach agus sùbailte. Tha seo a’ ciallachadh gum faod thu ionnsachadh aig an taigh, aig àm agus astar a tha freagarrach dhut fhèin le fios gu faigh thu taic bho neach-teagaisg mar a chuireas tu feum air. Faodaidh an cùrsa leantainn gu teisteanas Gàidhlig Àrd-Ìre (luchd-ionnsachaidh), ach mur h-eil thu airson deuchainn a shuidhe, faodaidh tu obrachadh tro na h-aonadan sa phasgan agus gheibh thu teisteanas SQA airson nan aonadan a rinn thu. Tron chùrsa, a tha ann an earrannan cuspaireil, leithid Dreuchdan, Saor-làithean agus na Meadhanan leasaichidh an t-oileanach na sgilean cànain, èisteachd, leughadh, sgrìobhadh agus labhairt. Faodaidh oileanaich cuideachd litreachas ùr Gàidhlig a rannsachadh, bho ùghdaran leithid Iain Crichton Mac a’ Ghobhainn agus Iain Moireach. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Angela Mhoireasdan, post-d: angela-morrison@lews.uhi.ac.uk, fòn +44(0)1851 770457

Foghlam Fosgailte Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) Colaisde a’ Chaisteil: Saor-làithean

Eadar gu bheil thu ag ionnsachadh airson an teisteanas àrd-ìre no nach eil, faodaidh tu obair agus cur-seachad a cho-mheasgachadh le cothrom a ghabhail air Saor-làithean Bogaidh Innse Gall. Tha e an urra riut fhèin dè cho fada ’s a dh’fhuiricheas tu no an suidh thu an deuchainn fhad ’s a tha thu an seo. Tha na saor-làithean a dh’fhaodas a bhith bho 5 gu 14 latha a’ gabhail a-staigh 5 latha de chùrsa bogaidh Gàidhlig le tidsear sònraichte, trì uairean a thìde gach madainn sa chlas agus obair air sgilean còmhraidh a-muigh ann an suidheachaidhean nàdarrach Gàidhlig gach feasgar. Bidh na saor-làithean a’ co-fhreagairt nan iarrtasan agus nam feuman agad fhèin agus a’ gabhail a-steach; teagasg bho Òraidiche le teisteanas Gàidhlig, faradh dùbailte air plèan no aiseag, leabaidh is bracaist, biadh meadhan-latha, cur-seachad agus còmhdhail eadar an àite-fuirich agus an clas. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho angela-morrison@lews.uhi.ac.uk, (fòn: +44(0)1851 770457).

CeolasCeolas Summer School, South Uist...
Gaelic Summer SchoolTaigh Dhonnchaidh Sgoil Shamhraidh - Gaelic Summer School...
Hebridean Celtic Festival Gaelic workshopsHebridean Celtic Festival Gaelic workshops...
Hebridean Celtic Festival Gaelic workshopsLews Castle College Gaelic classes...
The LanguageThe LanguageThe Language
Gaelic ProverbsGaelic ProverbsGaelic Proverbs
Everyday GaelicEveryday GaelicEveryday Gaelic
10 Gaelic Facts10 Gaelic Facts10 Gaelic Facts
Learn GaelicLearn GaelicLearn Gaelic

 

Home | Islands | Hebrideans | Gaelic Language | Music & Events | Arts & Crafts | History | Archaeology | Planning Your Trip

© 2002-2003 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council