Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Home
Accommodation
Hebrideans
Gaelic Language
Music & Events
Arts & Crafts
History
Archaeology
Planning Your Trip
Location Gallery
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides faqs discussion links contact help

Ceolas

Bi nad phàirt den Ghàidhlig, den cheòl, den danns agus den àite! ’S e sgoil shamhraidh shònraichte a th’ ann an Ceolas ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas an Innse Gall. ’S e ceòl agus dannsa a th’ anns an sgoil shamhraidh, Ceolas, le luchd-teagaisg a tha fìor eòlach air a’ phìob, an fhidhill, seinn, rìdhlean Albannach agus Cuadrailean, Dannsa Ceum agus Gàidhlig. Tha Ceolas a’ rannsachadh nan ceanglaichean cudthromach eadar ceòl traidiseanta, òrain Ghàidhlig agus danns an Alba le mòran dhiubh a’ gabhail àite aig cèilidhean agus sna dachaighean, far an do thòisich iad.

Tha a’ Ghàidhlig na h-eileamaid chudthromach de Cheolas, agus de dhualchas Innse Gall san fharsaingeachd. Tha Ceolas a’ teagasg cànan agus dualchas na Gàidhlig aig diofar ìrean comais - le clasaichean do dhaoine air ùr thòiseachadh, luchd-ionnsachaidh agus fileantaich. Tha an eileamaid seo a’ cuideachadh le tuigsinn buaidh na Gàidhlig air òrain agus danns.

Sa chumantas, tha an teagasg eadar 9.30m agus 4.30f. Às dèidh sin tha roghainn aig na com-pàirtichean. Tha prògram beothail aig Ceolas air an iomall, a’ gabhail a-staigh cèilidhean, cuirmean ciùil coimhearsnachd agus dannsaichean. Tha na ‘cèilidhean taighe’ sònraichte, far am bi luchd-teagaisg, com-pàirtichean agus muinntir na sgìre a’ cur seachad na h-oidhche a’ seinn, a’ danns agus a’ cluich ciùil ann an dachaighean san sgìre.

Mur cuala tu a-riamh roimhe an seanfhacal Gàidhlig

"Thig crìoch air an t-saoghal ach mairidh gaol agus ceòl" bidh thu ag aontachadh ris an fheallsanachd aige mun àm a thig crìoch air seachdain Ceolas.

Tha Ceolas ann san dara seachdain den Iuchar gach bliadhna. Airson tuilleadh fiosrachaidh faic www.ceolas.co.uk no cur post-d gu: info@ceolas.co.uk

CeolasCeolas Summer School, South Uist...
Gaelic Summer SchoolTaigh Dhonnchaidh Sgoil Shamhraidh - Gaelic Summer School...
Hebridean Celtic Festival Gaelic workshopsHebridean Celtic Festival Gaelic workshops...
Hebridean Celtic Festival Gaelic workshopsLews Castle College Gaelic classes...
The LanguageThe LanguageThe Language
Gaelic ProverbsGaelic ProverbsGaelic Proverbs
Everyday GaelicEveryday GaelicEveryday Gaelic
10 Gaelic Facts10 Gaelic Facts10 Gaelic Facts
Learn GaelicLearn GaelicLearn Gaelic

 

Home | Islands | Hebrideans | Gaelic Language | Music & Events | Arts & Crafts | History | Archaeology | Planning Your Trip

© 2002-2003 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council