Cùrsa-tòiseachaidh Gàidhlig aig Fèis Cheilteach Innse Gall
Tha Fèis Cheilteach Innse Gall a’ co-obrachadh le Colaisde a’ Chaisteil ann a bhith a’ ruith cùrsa tòiseachaidh Gàidhlig fhad ’s a tha an fhèis a’ dol gach bliadhna. Cha gheall sinn gum bi thu fileanta mus tig an fhèis gu ceann, ach bidh thu am measg cànain cho grinn agus cho bàrdail ’s a chluinnear san t-saoghal.
Tòisich air do thuras Ceilteach as t-samhradh seo tighinn nuair a chuireas tu do chùrsa air Innse Gall. Cuir cùl ri cùraman na beatha seo agus leig led mhac-meanmna d’ aiseag thar a’ Chuain Sgìth gu Fèis Cheilteach Innse Gall.
Gabh pàirt ann am beatha an eilein agus ann an cuirmean-ciùil beothail na h-oidhche an teanta na fèis. Gabh tlachd ann an ceòl na fìdhle, òrain Ghàidhlig, dannsa ceum agus bùthan-obrach Gàidhlig, seiseanan taighean-seinnse, cur-seachadan chloinne agus an t-sreath ciùil bho thìrean cèin anns An Lanntair.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho info@hebceltfest.com / www.hebceltfest.com, Loidhne ticeid: 07001 878787
|