Taigh Dhonnchaidh Sgoil Shamhraidh
Chum Taigh Dhonnchaidh a’ chiad Sgoil Shamhraidh Ghàidhlig am-bliadhna. Tha sùil gum bi i ann a h-uile bliadhna: airson tuilleadh fiosrachaidh faic www.taighdhonnchaidh.com
Stèidhichte ann an Taigh Dhonnchaidh - Ionad Ealain ’s Ciùil, Tàbost, Nis, Eilean Leòdhais.
Ma tha sibh airson a’ Ghàidhlig ionnsachadh no ur sgilean cànain a leasachadh, nach tig sibh don Sgoil Shamhraidh - cùrsa Gàidhlig a bhios a’ ruith fad seachdain ann an Taigh Dhonnchaidh an Nis, sgìre anns a bheil cànan agus cultar nan Gaidheal air a chumail beò. Bidh clasaichean ann gach madainn, agus gach feasgar, bidh tursan inntinneach ann air feadh an eilein. Thèid Cearcall Còmhraidh a chumail gach feasgar agus dà chèilidh aig deireadh na seachdain. Cha bhi àireamhan ro àrd air na cùrsaichean; mar sin cuiribh a-steach ur n-iarrtas gun dàil. Chì sinn san Iuchar sibh!
|